Monday, June 10, 2013

Colbh Gàidhlig - deagh aimsir

Uill an taca ris na chunnaic sin an uiridh tha fior dheagh aimsir air a bhith againn agus mise toilichte gu leor leis a h-uile cail sa gharadh. Tha na craobhan-uabhail fo lan bhlath cuideachd , fhios agam caran fadalach ach a bheil cuimhne agad ciamar a bha cuisean aig an am seo an uiridh? Leis cho math sa bha cuisean ann am Mart bha na blathan uile a-mach fada ro thrath agus thainig pailteas reothadh agus droch tide. Rinn sin sgrios air na measan beaga agus cha mhor nach robh dad sam bith agam san uabhalghort. 

Nise seall air na craobhan am bliadhna agus mise air mo dhoigh glan. A bharrachd air sin tha am buntanta ann an deagh shunnd, na tomatohan a fas gu math luath, na unneanan a’ gluasad mu dheireadh thall agus na ponairean frangach a’ nochdadh mar bu choir.

Saoilidh mi gu bi deagh thoradh air faire ma bhios an samradh a tha seo a chumail a dol. Chan eil adhbhar a bhith gearrain an diugh nas motha – tha coltas ann gum bi gathan na greine a’ tumadh oirnn sa bhaile seo ann an uine nach bi fada sa mhadainn. 
Sin agad e bhumsa – gabh mo leisgeil a chairdean leis a’ ghramar agus litricheadh a tha seo. Tioraidh.

No comments: