Friday, April 05, 2013

Colbh Gàidhlig 3 – Fearann Mhàrtainn

An ann mar sin a bha uaireigin, an do cheannaich cuideigin ris a’ chanair Mhàrtann badan air choireigin thall an Sirrochd Obardeathainn? Bidh fios agaibh ‘s docha gum bi mi a chur suas dealbhan buill-coise a h-uile seachdainn air Flickr agus cuiridh mi prìomhachas don Ghàidhlig sna mhineachadh a tha ri fhaciainn air na dulleagan-lìn ud. Mar sin bidh moran de na leughadairean a’ faicinn beagan Gàidhlig sa chumantas. Co-dhiù cha d’ chuala mi riamh facal Gàidhlig son sgioba Formartine. Cha robh dad air an Fhaclair Bheag. Rudeigin eile, cha robh mi direach cinnteach càite a bheil comhearsnachd Formartine agus mar sin thug mi suil air Uicipeid agus ‘s ann an sin a leugh mi na faclan “Fearann Mhartainn”. Ceart no ceàrr a tha e tha mise toilichte ris agus agus a-nis nì sin a’ chuis a h-uile turas a chuireas mi dealbhan suas ceangailte leis an sgioba ud. Gu mì-fhortanach rinn iad a’ chuis oirnn Diciadain. Bha sluagh mòr thall aig Station Park gus taisbeanadh buill-coise fhaicinn bhuapa. Bhuannaich iad 4-1 agus abair thusa gun robh iad airidh air.

Uill sin seachad a-nis agus Cupa na Gàidhealtachd a-màireach nuair a bhios Clachnacuddin a’ tighinn dhan bhaile. Saoilidh mi gum bi sluagh mòr an làthair a-rithist agus bi na luchd-leantainn Clach gu math beothail . Sa mhadhainn bidh cothrom cupa eile fhaighinn. ‘S e sin ri radh gum bi madainn chofaidh a’ gabhail àite san Legion. Ma thèid a h-uile cail gu math bidh an iomairt luchd-leantainn son leasachaidh Station Park a’ dol seachad 10K aig deireadh an latha. Son tuilleadh faighinn a-mach mu dheidhinn na h-iomairtean a tha seo gheibhear beagan fiosrachadh air an duilleag seo.

1 comment:

Anonymous said...

Tha mi an dòchas gum bi am madainn chofaidh math a-màireach.