Thursday, August 15, 2013

A’ dlùthadh air na Geamaichean Gaidhealachd Inbhir Narann a rithist

Chan eil ach da latha gus am bi a h-uile duine an lathair son na geamaichean gaidhealachd agus abair thusa gum bi am baile air bhoil. Am bliadhna bi Cluba MG a’ tighinn dhan bhaile le taisbeanadh a’gabhail aite san Showfield. Bidh moran den draibhearan a’ gabhail pairt den chaismeachd agus iadsan a’ guilan brataichean den duthchannan fhein – bith sin math son iadsan a bhios a’ togail dealbhan aig na geamaichean. 

Chithear gu h-iosal dealbh de na “showies” agus bata sa Linne Mhoireibh. A-nochd air facebook thuirt cudeigin:


”A bheil duine sam bith a’ dol dhan Showies a-nochd? ‘S e fàbhar a dhith orm?”

Carson,” fhreagair cuideigin eile, “ a bheil thu airson do chunntas-beatha a thoirt dhaibh?”

Eibhinn? Smaoinich mise gun robh. Co dhiubh, am bi thusa an lathair DiSathairne?

No comments: